Dè th' ann am fiosan?

Air ùrachadh: 22 An t-Iuchar 2020

Dè seòrsa fiosan a gheibh mi?

Aig an àm seo, 's urrainn dhuinn fiosan a chur thugad mu phrògraman ùra a tha thu air a chur ri BBC iPlayer, agus prògraman ris an do fo-sgrìobh thu ann am BBC Sounds.

Tha fiosan pearsaichte a’ tighinn a dh'aithghearr gu seirbheisean eile leithid BBC Aimsir, Òigridh, Naidheachdan agus Spòrs.

Cuideachd gheibh thu fiosan app bho sheirbheisean nach eil ceangailte rid chunntas BBC, leithid BBC Naidheachdan. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn bho gach app fa leth.

Am faigh mi fiosan air làrach-lìn a’ BhBC agus air apps BBC?

Gheibh thu gu fiosan pearsaichte air làrach-lìn a’ BhBC le bhith cliogadh air a’ chlag aig mullach duilleig BBC sam bith. Bidh iad seo stèidhichte air stuthan a tha thu air a chur ris no ris an do fo-sgrìobh thu, leithid prògraman TBh no podcastan.

Tha sinn a' dèanamh deuchainn air fiosan pearsaichte ann an apps Sounds agus Bitesize. Tha sinn a' coimhead air apps eile cuideachd - cumaibh sùil.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: